News

New Fèisean launched

Tha Fèisean nan Gàidheal gu math toilichte gu bheil dà Fhèis ùr air ballrachd a thoirt a-mach: Fèis Phàislig ann an Siorrachd Rinn Friù agus Fèis na h-Apainne ann an Earra-Ghàidheal. Tha Fèis Phàislig air tachartas samhraidh a chur air bhonn a bhios a’ tairgse ceithir latha de dh’oideachadh anns na h-ealain thraidiseanta do dh’òigridh Shiorrachd Rinn Friù. ‘S ann bhon 21mh chun 24mh den Iuchar a bhios an Fhèis ga cumail le measgachadh àbhaisteach de dh’ionnsramaidean is cuspair. ‘S i seachdain lomalàn a bhios innte gun teagamh agus gus airgead a thogail, tha a’ chomataidh ùr a’ cumail cèilidh Disathairne 25mh den Ghiblean ann an Talla Eaglais Sherwood ann am Pàislig. Agus ann an Earra-Ghàidheal, chaidh a’ chiad Fhèis a chumail anns an Apainn air an Disathairne mu dheireadh den Ghearran. Thàinig 40 neach-ciùil òg dhan Fhèis seo agus bha latha air leth aca! Leis cho soirbheachail ‘s a bha iad, bidh Fèis na h-Apainne a’ tairgse latha-ciùil gach mìos tro thearm na sgoile ann am Bun-sgoil Srath na h-Apainne. Thathar a’ tabhann bhùthan-obrach ann an raon farsaing de chuspairean agus bidh Fèis Bheag a’ dol aig an aon àm le geamannan, òrain agus ealain do chloinn nas òige na 8 bliadhna is pàrant còmhla riutha.

Fèisean nan Gàidheal is delighted to announce the membership of two brand new Fèisean: Fèis Phàislig in Renfrewshire and Fèis na h-Apainne in Argyll. Fèis Phàislig will establish an annual four day summer Fèis in Paisley this July (21st-24th) for children aged 8-18 across Renfrewshire. For their first year, the Fèis will offer 8 different subjects: accordion, chanter and pipes, clarsach, drama, drumming, fiddle, guitar and singing. The new committee is busy preparing for this jam-packed musical bonanza and will hold a cèilidh dance on Saturday 25th April in Sherwood Church in Paisley to raise funds towards the summer week. To find out more or to join Fèis Phàislig’s mailing list please visit the Fèis website at www.feisphaislig.com. Alternatively, contact chairperson Grant McFarlane on grant@ feisphaislig.com or give the Fèis a ‘like’ on Facebook/fèisphàislig. Meanwhile in Argyll, the first ever Appin Fèis was held on the last Saturday of February and what a Fèis it was! Over 40 children turned up to learn and play different instruments. Fèis na h-Apainne’s pilot project proved a runaway success and they will now offer a series of Saturday music days in Strath of Appin Primary School. Workshops will run for young people aged 8 to 18 with a huge array of subjects on offer. A Fèis Bheag will also offer music, games and song for children under 8 accompanied by an adult. For more information or to book your place at Fèis na h-Apainne please contact Vicky Maclean, Development Officer at Fèisean nan Gàidheal on vicky@feisean.org or visit the Fèis’ Facebook page at Facebook/feisnahapainne.