COVID-19 Announcement

The Scottish Storytelling Centre and John Knox House are now open to the public. Read More.

News

Over £76,000 worth of funds launched to support Scottish arts world

Two Scottish arts funds, worth over £76,000, are now open and accepting applications in a bid to help Scottish artists and organisations to continue to deliver creative projects, after many of them have been severely affected financially by Covid-19.

Being delivered by Gaelic arts organisation, Fèisean nan Gàidheal, on behalf of Creative Scotland, the funds aim to provide support for individuals and organisations to continue delivering projects in their communities and sustain creativity for musicians and artists at this time.

Maoin nan Ealan Gàidhlig (Gaelic Arts Fund) has been designed to assist the delivery of Gaelic arts projects, by both organisations and individuals. Throughout 2020 and 2021, £45,000 will be available, with priority being given to applications for projects which are delivered through the medium of Gaelic; sustain artistic practice throughout the Covid-19 pandemic; from individual artists to create work or address personal development needs; with international partnerships; that will develop business skills for individual artists or arts organisations as a means to creating a market, increasing audience numbers or strengthening stability; or which propose online delivery of arts activities during the Covid-19 pandemic.

Mairi Kidd, Head of Literature, Languages & Publishing, Creative Scotland, said: “In the present challenging circumstances the work of artists and cultural organisations is more important than ever and we very much hope that Maoin nan Ealan Gàidhlig will support Gaelic speaking artists and audiences to continue creating and connecting.”

There are two deadlines for applications for Maoin nan Ealan Gàidhlig – Friday 19th October 2020 and Friday 22nd January 2021.

Tasgadh (meaning investment in Gaelic), is designed to provide support for individual artists and organisations to create, perform, tour and showcase work. The fund, which has an allocation of £31,500, is open to those with a proven track record in Scottish traditional dance, Scottish storytelling or Scottish traditional music. Awards of between £250 and £1,000 are available and past successful projects supported by Tasgadh include weekly music classes and workshops, music videos, dance development and collaborations, composition of new music, tours, personal development and research projects, internships and festivals.

Arthur Cormack, Chief Executive, Fèisean nan Gàidheal, commented: “The Tasgadh fund has been very successful in enabling traditional arts projects over the past few years and Fèisean nan Gàidheal is very happy to collaborate with Creative Scotland again in disbursing funds from both schemes. A great many traditional artists contributed to the general wellbeing of people during the Covid-19 lockdown and, at this particular time, it is important for them to get working and generate an income. We hope these funds will help facilitate that.”

There will be two funding rounds for Tasgadh in 2020-21 with the following deadlines for applications: 23 October 2020 and 29 January 2021.

For more information about Tasgadh and details of how to apply, please visit https://www.feisean.org/en/tasgadh/. To find out more about Maoin nan Ealan Gàidhlig, please visit https://www.feisean.org/en/meg-en/.

*********************

Còrr is luach £76,000 as ùr na thaic do shaoghal ealan na h-Alba

Tha dà mhaoin ealain Albannach, luach còrr is £76,000, a-nis fosgailte agus a’ gabhail ri iarrtasan ann an oidhirp cuideachadh le luchd-ealain is buidhnean cumail orra a’ toirt am pròiseactan cruthachail gu buil, an dèidh do mhòran aca fulang fo dhroch bhuaidh ionmhais Chobhad-19.

Ga riarachadh le buidheann ealan Ghàidhealach, Fèisean nan Gàidheal, as leth Alba Chruthachail, tha dùil aig an airgead taic a chumail ri luchd-ealain air leth agus ri buidhnean leantainn orra a’ toirt am pròiseactan do na coimhearsnachdan aca fhèin agus a bhith na chùl-taic do chomas cruthachaidh luchd-ciùil agus luchd-ealain aig an àm seo.

Chaidh Maoin nan Ealan Gàidhlig a dhealbhachadh gus cuideachadh a thoirt do phròisectean ealan Gàidhlig a chur an gnìomh, an dà chuid le daoine air leth agus le buidhnean. Feadh 2020 agus 2021, tha £45,000 ri fhaighinn, leis a’ chudrom ga chur air pròiseactan a tha: gan dèanamh tro mheadhan na Gàidhlig; a’ cumail obair na h-ealain a’ dol tro ghalar Cobhad-19; bho luchd-ealain air leth airson obair a chruthachadh no feumalachdan leasachaidh pearsanta a choimhlionadh; le compàirteachasan eadar-nàiseanta; a’ leasachadh sgilean gnìomhachais luchd-ealain air leth no buidhnean ealain mar dhòigh air margadh a chruthachadh, an àireamh de luchd-èisteachd a chur am meud no seasmhachd a neartachadh; a’ moladh ghnìomhan ealain air loidhne fhad ‘s a mhaireas galar Cobhad-19.

Thuirt Màiri Kidd. Ceannard Litreachas, Cànainean agus Foillseachadh, Alba Chruthachail: “Aig an àm dhoirbh seo tha luchd-ealain is buidhnean-ealain gu sònraichte cudromach agus tha sinn gu mòr an dòchas gun toir Maoin nan Ealan Gàidhlig cothrom do luchd-ealain is luchd-èisteachd na Gàidhlig cumail orra le bhith a’ cruthachadh agus a’ tighinn còmhla.”

Tha dà cheann-là ann airson iarrtasan Maoin nan Ealan Gàidhlig – Dihaoine 19 Damhair 2020 agus Dihaoine 22 Faoilleach 2021.

Tha Tasgadh air a dhealbhachadh airson taic a chumail ri luchd-ealain air leth is buidhnean gus obair a chruthachadh, a chluich, a thoirt air chuairt agus a nochdadh. Tha am maoin, sa bheil luach £31,500, fosgailte don fheadhainn aig a bheil eachdraidh cheana ann an dannsa dualchasach Albannach, innse sgeulachdan Albannach no ceòl dualchasach Albannach. Tha suimean eadar £250 agus £1,000 rim faighinn agus am measg nam pròiseactan a fhuair taic roimhe bha leithid chlasaichean seachdaineil ciùil is seiseanan-obrach, bhideothan ciùil, leasachadh is co-obrachadh dannsa, dèanamh ceòl ùr, cuairtean, leasachadh pearsanta is pròiseactan rannsachaidh, greisean gnìomhachais agus fèisean.

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard, Fèisean nan Gàidheal: “Chaidh gu math le maoin Tasgadh ann a bhith a’ cuideachadh phròiseactan ealan dualchasach sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh agus tha Fèisean nan Gàidheal ro thoilichte co-obrachadh le Alba Chruthachail a-rithist le bhith a’ roinn na maraig bhon dà sgeime. Chluich an t-uabhas de luchd-ealain dualchasach pàirt ann an toileachas-inntinn coitcheann an t-sluaigh tro ghlasadh Cobhad-19 agus, aig an àm seo, tha e cudromach gum bi obair aca is gum bi iad a’ cosnadh teachd a-steach. Tha sinn an dòchas gun cuidich am maoin seo le sin.

Bidh dà chothrom maoineachaidh airson Tasgadh ann an 2020-21 leis na cinn-là a leanas airson iarrtasan: 23 Damhair 2020 agus 29 Faoilleach 2021.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air Maoin nan Ealan Gàidhlig is Tasgadh agus fiosrachadh air mar a chuirear mu dheidhinn, feuch gun tadhail sibh air:

Maoin nan Ealan Gàidhlig: https://www.feisean.org/meg/

Tasgadh: https://www.feisean.org/tasgadh-g/