COVID-19 Announcement

The Scottish Storytelling Centre and John Knox House are currently closed to the public.

News

New Gaelic film encourages youngsters to explore the outdoors

A new Gaelic film aimed at young children, produced by arts organisation Fèisean nan Gàidheal, will be streamed on Facebook this Saturday 13th March.

Cuairt Bheag (A Wee Walk) is a short film with a focus on the fun of exploring and playing outdoors and introduces the audience to Hùb Hàb who finds a magical box on her doorstep. It was written and directed by Angus Macleod, Fèisean nan Gàidheal Drama Officer and has been available to Gaelic medium nurseries and primary schools nationwide for the last fortnight.

Angus explained: “Hùb Hàb is a theatre-in-education project which we usually take on tour at this time of year. The film provides an online alternative which features key elements of the show and three new Gaelic songs about exploring the local area with a ‘wee walk’.”

Katie MacFarlane plays the part of Hùb Hab

Airdrie based Gaelic singer Katie MacFarlane plays the part of Hùb Hab in the film and is accompanied by multi-instrumentalist and member of the trio, Project Smok, Pablo Lafuente, who also filmed the scenes. The project also provided an impromptu role for Katie’s six year-old niece, Mara Hughes, who gives an endearing performance as the voice of Hùb Hàb’s friend. Mara, who was learning at home when the film was made, said: “I enjoyed everything about it. I really liked the songs and the bit with Fitheach the dog!”

Mara Hughes – the voice of Hùb Hàb’s friend

Hùb Hàb is produced through Fèisean nan Gàidheal’s arts in education service, Fèisgoil, with funding from Bòrd na Gàidhlig, Creative Scotland and HIE.

Eilidh Mackenzie, Fèisgoil manager, said: “Katie and Pablo have done a wonderful job of pulling the songs and filmed scenes together and we were especially delighted to feature Mara as Hùb Hàb’s off-screen friend. The film can be enjoyed by everyone, in school or at home with family members. The songs were specially written for the film and beautifully performed by Katie and Pablo. The words of the songs are available on our website for sharing with young children and their teachers, classmates and families everywhere.”

To view the film on Facebook, please visit www.facebook.com/feisean/live on the 13th March at 10.30am.
For more information about the film and the Hùb Hàb project, contact Fèisgoil Manager Eilidh Mackenzie at eilidh@feisean.scot or Drama Officer Angus Macleod at angus@feisean.scot or visit www.feisean.org/hubhabeyt.

**********************

Òigridh air am brosnachadh gus Cuairt Bheag a ghabhail le film ùr

Thèid Cuairt Bheag, film Gàidhlig ùr do chloinn òga, a riochdaich Fèisean nan Gàidheal, a shruthadh gu poblach air Facebook air Disathairne 13 Màrt.

‘S e film goirid a th’ann an Cuairt Bheag le fòcas air a’ chothrom a th’ann cuairt bheag a ghabhail air a’ bhlàr a-muigh is na cothroman-cluiche na cois. Anns an fhilm thèid eòlas a chur air Hùb Hàb ‘s na thachras nuair a lorgas i bogsa draoidheil air starsach an taighe aice.

Chaidh an fhilm a’ sgrìobhadh ‘s a stiùireadh le Aonghas MacLeòid, Oifigear Dràma Fhèisean nan Gàidheal agus rè a’ cheala-deug a dh’fhalbh tha sgoiltean-àraich ‘s bun-sgoiltean feadh na dùthcha air a bhith faighinn cothrom ga fhaicinn.

Mhìnich Aonghas: “‘S e pròiseact tèatar-oideachaidh a th’ann an Hùb Hàb agus tha e na chleachdadh dhuinn turas a dhèanamh le dealbh-chluich aig an àm seo den bhliadhna. Thug am film cothrom dhuinn a’ phròiseact thabhann air loidhne le torr eileamaidean bhon dealbh-chluich na chois agus trì òrain ùra.”

‘S e Katie NicPhàrlain, a tha stèidhte ann an Àrd Ruigh, a tha cluich an caractar aig Hùb Hàb anns an fhilm le ceòl-taic bho Pablo Lafuente, ceòladair agus ball den chòmhlan-ciùil, Project Smok agus ‘s e a dh’fhilm na seallaidhean. Thug am pròiseact cothrom do Mara Hughes, a tha sia bliadhna a dh’aois ‘s nighean-peathar Cheitidh, pairt a ghabhail san fhilm mar an guth aig caraid Hùb Hàb. Bha i ag ionnsachadh aig an taigh nuair a chaidh an fhilm a dhèanamh is thuirt i: Chòrd a h-uile rud rium! ‘S fìor thoil leam na h-òrain agus a’ phàirt le Fitheach an cù!”

Tha Fèisean nan Gàidheal a’ riochdachadh Hùb Hàb tron t-seirbheis foghlaim Fèisgoil le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail agus Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean.

Thuirt Eilidh NicCoinnich, manaidsear Fèisgoil: “Tha Ceitidh agus Pablo air obair mhìorbhaileach a dhèanamh a’ tarraing na h-òrain agus na seallaidhean a chaidh fhilmadh ri chèile agus bha sinn air ar dòigh cothrom a thoirt do Mhara pàirt a ghabhail san fhilm mar ghuth an caraid aig Hùb Hàb. Freagraidh am film air a h-uile duine, aig an sgoil no aig an taigh leis an teaghlach. Chaidh na h-òrain a’ sgrìobhadh a dh’aona-ghnothaich son an fhilm agus chaidh an taisbeanadh gu grinn le Ceitidh agus Pablo. Lorgar na faclan sna h-òrain air ar làrach-lìn agus tha fàilte air daoine gan sgaoileadh air clann òga, an tidsearan, caraidean ‘s teaghlaichean feadh an àite.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun fhilm cuiribh brath gu Manaidsear Fèisgoil Eilidh NicCoinnich aig eilidh@feisean.scot no Oifigear Dràma Aonghas MacLeòid aig angus@feisean.scot. Gus am film fhaicinn air Facebook, nach tadhail sibh air www.facebook.com/feisean/live air 13 Màrt aig 10.30m.