COVID-19 Announcement

The Scottish Storytelling Centre, John Knox House and the Café are now open. Our Covid-19 Guidelines.

News

Sruth: A new commission opportunity to celebrate Colmcille 1500

Colmcille1500 celebrates the life and legacy of St Columba, 1500 years from his birth. It promotes the heritage of the saint whose abbey of Iona linked Ireland, Scotland and beyond.

To mark this year Fèisean nan Gàidheal, with support from Bòrd na Gàidhlig’s Colmcille Fund, is seeking proposals from a Gaelic-speaking musician, based in Scotland, to work alongside a musical partner in Ireland, to arrange suitable traditional music and Gaelic song for a performance to be premiered online at Blas 2021 as part of a new project celebrating this special anniversary.

The proposed performance should last approximately 30 minutes and include traditional Scottish and Irish music and song. This will be pre-recorded remotely by participants from across the Fèis movement, as well as young musicians from Ireland and Cape Breton, and the performance will be streamed as part of this year’s Blas Festival in November.

Arthur Cormack of Fèisean nan Gàidheal said: “In addition to our normal annual Blas commission, we are very happy to be able to offer an opportunity to bring together young musicians from Scotland, Ireland and Cape Breton, albeit remotely, at the same time as offering an employment opportunity for musicians who have found the past year and a half very difficult. St Columba has a special place in the heritage of the Celtic countries and we would very much like this to be celebrated through this new commission.”

David Boag of Bòrd na Gàidhlig said: “We welcome this project as part of Colmcille 1500 and the opportunities it will afford participants to come together, use Gaelic and showcase Gaelic culture. This will also give a chance to viewers at home across the world to celebrate Colmcille 1500 as part of the 2021 Blas Festival.”

More information can be found here and proposals should be submitted to Nicola Simpson – nicola@feisean.scot – by 5:00pm on Friday 6th August 2021.

********************

Sruth: Coimisean ùr mar chomharra air Colmcille 1500

Tha Colmcille 1500 a’ comharrachadh beatha agus dìleab Chaluim Chille, 1,500 bliadhna bho rugadh e. Bidh a’ bhliadhna a’ brosnachadh dualchas an naoimh agus abaid Eilean Ì a bha a’ ceangal Èirinn, Alba agus nas fhaide air falbh.

Mar chomharra air a’ chlach-mhìle seo, le tabhartas bho Cholmcille aig Bòrd na Gàidhlig, tha Fèisean nan Gàidheal a’ sireadh thagraidhean bho cheòladair le Gàidhlig stèidhichte ann an Alba, co-obrachadh a dhèanamh le neach-ciùil air taobh thall Sruth na Maoile, taisbeanadh ciùil a chur ri chèile a bhios ri chluinntinn aig Blas 2021. Mairidh an taisbeanadh mu 30 mionaidean le dual-cheòl is òrain Albannach is Èireannach.

Thèid seo a chlàradh ro làimh aig astar le compàirtichean bho air feadh iomairt nam Fèis, a bharrachd air luchd-cluiche òg à Èirinn agus à Ceap Breatainn, agus thèid a shruthadh mar phàirt de dh’Fhèis Bhlas na bliadhna-sa san t-Samhain.

Thuirt Art MacCarmaig aig Fèisean nan Gàidheal: “A bharrachd air ar coimisean àbhaisteach bliadhnail, tha sinn air ar dòigh gu bheil an cothrom againn luchd-ciùil òg à Alba, Èirinn agus Ceap Breatainn a thoirt còmhla, aig astar, agus aig an aon àm consnadh a thoirt do luchd-ciùil a th’ air a bhith fulang dhuilgheadasan sna bliadhna gu leth a chaidh seachad. Tha àite sonraichte aig Calum Cille ann an dualchas nan dùthchannan Ceilteach agus tha sinn gu mòr airson ‘s gun tèid sin aithneachadh tron choimisean ùr seo.”

Thuirt Daibhidh Boag bho Bhòrd na Gàidhlig: “Tha sinn a’ cur fàilte air a’ phròiseact seo mar phàirt de bhliadhna Colmcille 1500 agus na cothroman a bhios ann do chom-pàirtichean a thighinn còmhla, Gàidhlig a chleachdadh agus cultar nan Gàidheal a thaisbeanadh. Bidh seo cuideachd a’ toirt cothrom do luchd-èisteachd aig an taigh air feadh an t-saoghail Colmcille 1500 a chomharrachadh mar phàirt de Bhlas 2021.”

Tuilleadh fiosrachadh ri fhaighinn tron cheangal seo agus feumaidh tagraidhean a bhith aig Nicola Simpson tro phost-d nicola@feisean.scot ro 5:00f Dihaoine 6 Lùnastal 2021.