Trad Events

Dannsa ceum ann an co-theacs aimsireil, le Sophie Nic Steaphain

Mike_Whellans_photo4_please credit Alistair Mulhearn.jpg

Dannsa ceum ann an co-theacs aimsireil, le Sophie Nic Steaphain

DESCRIPTION

Tha Theatre Gu Leòr a’ cuir air bhog iomairt leasachaidh ùr, STARAN, le sreath de bhùithean-obrach aig Conservatoire Nàiseanta na h-Alba airson cleasaichean is luchd-ealain ag obair sa Ghàidhlig, a’ tabhachd cothrom air leth bhith trèanadh le eòlaichean agus sgilean proifeiseanta a leasachadh. Bi gach bùth-obrach a’ gabhail àite thairis air deireadh-sheachdainn agus a’ coimhead air diofar chuspair.

30mh den t-Sultain & 1d den Damhair
Dannsa-ceum ann an co-theacs aimsireil, le Sophie Nic Steaphain

21mh & 22mh den Damhair
Complete Vocal Technique, le Mìcheal Hill

4mh & 5mh den t-Samhain
Leasachadh sgriobt agus dramaturgy, le Màiri Sìne Chaimbeul agus Lynda Radley

Tha na bùithean-obrach seo air lìbhrigeadh le taic bho Bòrd na Gàidhlig.

Bi rannsachadh air an obair againn a’ gabhail àite aig na bùithean-obrach ach tha compàirteachas ann saor-thoileach, dìomhair agus faodar tarraing a-mach aig àm sam bith. Bi tuilleadh fiosrachadh mun rannsachadh seo air sgaoileadh ro làimh.

 

Dannsa-ceum ann an co-theacs aimsireil

Thairis air an deireadh sheachdain, bidh compàirtichean ag ionnsachadh bunaitean ealain traidiseanta dannsa ceum. Às dèidh dhaibh na ceumannan tòiseachaidh seo ionnsachadh, bith cothrom aca obrachadh leotha ann an co-theacs thèatar aimsireil, a’ feuchainn a-mach a bheil e comasach ruitheaman buillean nan ceumannan a chleachdadh mar inneal gus sgeulachdan innse air an àrd-ùrlar.

Am measg na rudan a bhios sin a’ rannsachadh:
– Dè na fuaimean agus na ruitheaman is urrainn dhomh a dhèanamh le mo chasan agus le mo chorp?
– Ciamar is urrainn dhomh dannsa ceum a chleachdadh mar phàirt de thaisbeanadh aimsireil?
– Ciamar is urrainn dhuinn ruitheaman a’ fuaghail ri chèile mar bhuidhean?

Bu chòir do chompàirtichean aodach cofhurtail a chleachdadh a leigeas leotha gluasad gu saor, agus brògan le buinn chruaidh agus botal uisge a thoirt leotha. Bi am bùth-obrach freagarrach airson duine aig ìre ‘s am bith agus chan eil feum air eòlas dannsa ceum.

 

Mu dheidhinn Sophie Nic Steaphain

‘S ann à Cille Chuimein, air taobh a deas Loch Nis, a tha Sophie Nic Steaphain. Thòisich i air dannsa ceum ionnsachadh aig fèisean ionadail agus aig Sabhal Mòr Ostaig le Harvey Peutan à Cape Breatainn. Ann an 2013 fhuair i sgoilearachd dhannsa airson a dhol a-null a dh’Alba Nuadh agus a dh’Eilean a’ Phrionsa a bhith am-measg dhannsairean Cape Breatannach agus Acadianach. Tha i fhèin a-nis air dannsa is teagasg a dhèanamh air feadh Alba agus gu h-eadar nàiseanta aig fèisean ann an Èirinn, san Fhraing, an Nirribhidh, san Spàin, sa Ghearmailt, ann an Canada agus na Stàitean Aonaichte còmhla ri ceòladairean leithid Donald Shaw, Charlie McKerron, Carlos Nunez, Anxo Lorenzo, Xabi Aburruzaga, Còig agus The East Pointers. Ann an 2015 bha Sophie na coireògrafaiche, ag obair còmhla ris an stiùiriche Muriel Romanes, air an dealbh-chluich ‘Threads’ air a riochdachadh leis a’ chompanaidh Stellar Quines.

Thòisich i ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bha i na ficheadan agus tha i gu mòr an sàs ann an saoghal na Gàidhlig, ag obair le Sabhal Mòr Ostaig, Fèisean nan Gàidheal, BBC Alba is eile. Tha ùidh mhòr aice sna ceanglaichean ruitheamach eadar cànan, ceòl agus dannsa agus tha i air tòrr obair a dhèanamh a’ brosnachadh dannsa ceum ann an Alba: tro bhùithtean obrach; air an àrd-ùrlar; ann an dràma agus fiolm. Ann an 2016 chuir i seachad sia seachdainean ann an Dùthaich nam Basgach far an robh i na neach-ealain Gàidhlig mar phàirt den phròiseact Tosta le ‘Donostia San Sebastian Eurpoean Capital of Culture 2016′. Le sin rinn i film goirid le puirt-à-beul, dannsa ceum agus rap Basgais a chaidh a shealltainn ann an iomadh dùthaich. A bharrachd air a sin tha i na pàirt den chòmhlan-ciùil Huradal agus tha i air a bhith a’ leasachadh ‘TradBeats’, pròiseact òigridh ùr aice fhèin le dannsa ceum, beatboxing, body percussion agus òrain Ghàidhlig.

Tha làrach-lìn Sophie an seo: www.sophabulous.co.uk

 

Theatre Gu Leòr launches STARAN a new development initiative, with a series of workshops at the Royal Conservatoire of Scotland for actors and artists working in Gaelic, providing a rare opportunity to train with experts and develop professional skills. Each workshop will take place over a weekend and focus on a different topic.

30th September & 1st October
Step dancing in a contemporary context, with Sophie Stephenson

21st & 22nd October
Complete Vocal Technique, with Michael Hill

4th & 5th November
Script development and dramaturgy, with Màiri Sìne Campbell and Lynda Radley.

These workshops are delivered with support from Bòrd na Gàidhlig.

As part of the workshops research will be undertaken about the work of Theatre Gu Leòr in this area but participation is voluntary, confidential and can be withdrawn from at any time. More information about this research will be sent to registered participants in advance of the workshops.

 

Step dancing in a contemporary context

Over the course of the weekend participants will learn the basics of the traditional art of step dancing. After mastering these foundational steps they will have the chance to experiment with using them in a contemporary context, exploring the potential for using the percussive rhythms of step dance and body percussion in performance.

Among the things we will explore:
– What sounds and rhythms can I make with my feet and body?
– How may the steps be incorporated into contemporary theatre to create interesting soundscapes?

– How can we layer percussive patterns within a group ensemble?
– How we can use rhythm to set the pace of movement in a performance?

Participants should wear comfortable clothing that they are able to move freely in, and bring hard-soled shoes. The workshop is suitable for all levels of ability and previous step dance experience is not required.

 

About Sophie Stephenson

Sophie Stephenson is a dancer from Fort Augustus who specialises in a close to the floor style of percussive step dance. She learned step dancing at local fèisean and subsequently with Harvey Beaton from Cape Breton at Sabhal Mòr Ostaig. In 2013 Sophie was awarded the Lisa Ullmann Dance Scholarship which allowed her to travel to Prince Edward Island and Nova Scotia to meet with dancers and explore Cape Breton and Acadian traditions. Since then she has collaborated on a number of projects which have led her to teach and perform at festivals throughout Scotland and internationally alongside musicians such as Donald Shaw and Carlos Nuñez. In 2015 Sophie was the choreographer on Threads, a Stellar Quines theatre production directed by Muriel Romanes.

Sophie is particularly in
terested in the rhythmical relationships between language, music, song and dance. She is the founding member of trad group Huradal in which dance is an integral part of performance, both as a percussive response to the music and also a rhythmical impetus behind the musical arrangements. Sophie has also developed TradBeats, a project which brings together the core elements of voice and movement through rhythm, with Gaelic mouth music, beatboxing, step dance and body percussion. As the Gaelic artist in residence for the Donostia – San Sebastián European Capital of Culture 2016, Sophie created a dance film which has been showcased internationally in 5 different countries as part of the TOSTA celebrations of minority language culture.

Sophie’s website is here: www.sophabulous.co.uk