News

Seachdain na Gàidhlig, 20mh – 26mh den Ghearran 2023/ World Gaelic Week, 20th – 26th of February 2023

‘s e Seachdain na Gàidhlig a th’ ann an t-seachdain seo! 20mh-26mh den Gearran, 2023

Bidh an t-seachdain seo a’ brosnachadh na Gàidhlig dhan a h-uile duine, an dà chuid aig tachartasan oifigeach agus iomairtean coimhearsnachd, coltach ri Seachtain na Gaeilge ann an Èirinn agus Mìos nan Gàidheal ann an Alba Nuadh. Bheir e cothrom do luchd-labhairt na Gàidhlig agus an fheadhainn aig nach eil i pàirt a ghabhail ann an diofar dhòighean a fhreagras orra fhèin; an dà chuid ann an Alba fhèin agus thall thairis

Thoiribh sùil air làrach-lìn Seachdain na Gàidhlig gus faighinn a-mach mun tachartasan a tha dol fad na seachdaine air feadh na dùthcha agus leanaidh na cunntasan meadhannan-sòisealta aig Seachdain na Gàidhlig airson barrachd naidheachd is goireasan tron sheachdain – https://seachdainnagaidhlig.scot/

Thèid dà thachartas dà-chànanach a chumail fhathast le TRACS/SSC an t-seachdain seo mar phàirt de Seachdain na Gàidhlig:

Dihaoine 24mh den Ghearran – Guid Crack: Sgeul gu Latha

Thigibh còmhla rinn airson oidhche de sgeulachdan dà-chànanach leis an sgeulaiche is sgrìobhadair, Màrtainn Mac an t-Saoir, agus an ceòladair agus neach-cruthachail d/Deaf, Evie Waddell, a chleachdas òrain is sgeulachdan, Cànan-soidhnidh agus dannsa gus a’ cheangal eadar a’ Ghàidhlig agus BSL a thaisbeanadh.

Taigh-seinnse Waverley, 7.30f.

tiogaidean

Disathairne 25mh den Ghearran – Calman nan Loch

Thigibh nar cuideachd airson a’ chiad shealladh an Dùn Èideann den fhilm aithriseach Calman nan Loch | Colm na Lochanna.  Thèid tachartas fàilteachaidh na dhèidh son ceangal sònraichte a chomharrachadh eadar an dà fhèis eadar-nàiseanta, Seachdain na Gàidhlig agus Seachdain na Gaeilge.

tiogaidean

Tha sinn ‘n dòchas ur faicinn ann!

——————————————————————————————————————————

Happy World Gaelic Week/Seachdain na Gàidhlig! 20th-26th of February 2023

Seachdain na Gàidhlig aims to promote Gaelic for all, through official events and community initiatives, similar to Seachtain na Gaeilge in Ireland and Mìos nan Gàidheal in Nova Scotia. It provides the opportunity for both Gaelic speakers and those without the language to take part in a way that suits them; here in Scotland and further afield.

Explore the Seachdain na Gàidhlig website to find out more about the fantastic events that will be taking place all over the country this week, and be sure to follow the Seachdain na Gàidhlig social media channels to keep up to date with further news and resources throughout this week – https://seachdainnagaidhlig.scot/

TRACS/SSC are hosting 2 further bilingual events this week as part of Seachdain na Gàidhlig:

Fri 24th of February – Guid Crack: Tales till Dawn

Join us for an evening of bilingual stories and songs, with the storyteller and writer, Martin MacIntyre, and musician and dDeaf performer, Evie Waddell, who uses traditional songs and stories, sign language and dance to explore the relationship between Gaelic and BSL.

Waverley pub, 7.30pm

Tickets

Sat 25th of February – Calman nan Loch/Dove of the Loch

Join us for the first film showing in Edinburgh of the Gaelic documentary film Calman nan Loch | Colm na Lochanna | The Dove of Lochs.  This special screening will be followed by a reception linking two international Gaelic events, Seachdain na Gàidhlig and Seachtain na Gaeilge.

Tickets

We hope to see you there!